
Co-labhairt Eilthireachd nan Eilean Siar
Cuin: Diardaoin 2 An Dàmhair 2025 (faic duilleagan air leth airson Latha 1 & Latha 2)
Càite: Chan eil an latha seo ach dha daoine a tha air an làraich
Ionad: Cuairtean ionnsachaidh gu àitichean eadar-dhealaichte air feadh Leòdhais
Air a chur air dòigh le: Museum & Tasglann nan Eilean
Cuspair: ’S e taobh cudromach de dh’eachdraidh nan eilean a tha ann an eilthireachd oir thug e buaidh air an t-sluagh-tomhais agus sgar e teaghlaichean air feadh an t-saoghail tro na 1700-1900an. Dh’fhàg daoine na h-eileanan air diofar adhbharan, co-dhiù chaidh am fògradh, no dh’fhalbh iad ann an dòchas gum biodh teachd a-steach na b’fheàrr aca, no airson a dhol còmhla ri buill den teaghlaichean a bha air an imrich a dhèanamh cheana. Bheir na cuairtean ionnsachaidh cothrom do chom-pàirtichean tadhal air cuimhneachain co-cheangailte ri eilthireachd Innse Gallach agus Comainn Eachdraidh aig a bheil clàir co-cheangailte ri eilthireachd.
Prìs:
Com-pàirtichean air an làraich: Prìs làitheil £24 a’ gabhail a-steach VAT| Pris an làn Cho-labhairt £60 a’ gabhail a-steach VAT.
(Tha an làn cho-labhairt a’ gabhail a-steach dà latha den cho-labhairt, cuairt ionnsachaidh air Latha 3, tì, cofaidh agus lòn air gach latha de na trì làithean, aon fhàilteachadh feasgair, a bharrachd air inntrigeadh gu clàraidhean agus chun taisbeanadh air eilthireachd)
* Early Bird Discount of 10% available until 31 March *
Cuairt Ionnsachaidh Latha 3
Gheibh com-pàirtichean cothrom aon chuairt ionnsachaidh a thaghadh. Tha seo ann an com-pàirteachas ri buill Comann Dualchas Innse Gall – Outer Hebrides Heritage Forum .
- Nis agus an Taobh Siar (latha slàn)
Comann Eachdraidh Nis, Comann Eachdraidh Chàrlabhaigh & Taighean-dubha nan Geàrrannan
2. Ceann an Loch agus a’ Phàirc (latha slàn)
Carragh-cuimhne a’ Phrionnsa Teàrlach, Cuimhneachan nan Gaisgeach sa Phàirc, Taigh-tasgaidh Ravenspoint agus Taigh-tasgaidh Cheann an Loch
3. An Rubha, Tolstadh & Am Bàc (leth-latha)
Cuimhneachan nan Gaisgeach an Griais/ Comann Eachdraidh a’ Bhac, Cuimhneachan nan Gaisgeach an Aiginis/ Comann Eachdraidh an Rubha & Comann Eachdraidh Tolstadh
Siubhal agus Àite-fuirich
Thoiribh an aire gu feum daoine a tha airson a bhith an làthair uallach a ghabhail airson siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh pèin. Mholamaid gu làidir gum bu chòir siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh cho fada air thoiseach ’s a ghabhas dèanamh. Faicibh am prìomh dhuilleag airson molaidhean.
Eàrlaiseachadh àite
Mholamaid àite a ghlèidheadh tràth. Airson àite a ghlèidheadh cliog an seo airson a dhol gu duilleag a leigeas dhuibh àite a ghlèidheadh.
Poileasaidh Aisig air Ais
Ma leigeas sibh às àite glèidhte ro 31/7/25 gheibh sibh aiseag air ais de 50% de na phàigh sibh. An dèidh 31/7/25 cha bhi aiseag air ais ri fhaighinn.
Buidheachas
Tha sinn taingeil airson an taic maoineachaidh a fhuair sinn bho Thaighean-tasgaidh Gailearaidhean Alba, Oighreachdan a’ Chrùin agus Comhairle nan Eilean Siar agus urrasachd ionaid bho Together Travel. Bu mhath leinn cuideachd aithneachadh a dhèanamh air taic nan comainn eachdraidh ionadail a tha nan luchd-aoigheachd airson nan cuairtean ionnsachaidh air Latha 3.
Fios thugainn
Ma tha ceistean agaibh no ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios thugainn.
Till gu Prìomh Dhuilleag na Co-labhairt
