Mu Ar Deidhinn

Seirbheisean Dualchais Innse Gall

Tha na seirbheisean againn mar phàirt de Chomhairle nan Eilean Siar an t-ùghdarras ionadail airson Innse Gall (cuideachd air an ainmeachadh Na h-Eileanan an Iar) agus is iad sin:

  • Seirbheis Arc-eòlais Innse Gall – a’ dìon agus a’ clàradh na h-àrainneachd eachdraidheil air feadh Innse Gall;
  • Museum nan Eilean – dà mhuseum creideasaichte ann an Eilean Leòdhais agus Beinn na Faoghla anns am bi taisbeanaidhean a bhios ag atharrachadh;
  • Tasglann nan Eilean – an t-seirbheis tasglainn – a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh agus a’ fosgladh tasglainn a tha iomchaidh airson Innse Gall.

Tha na cruinneachaidhean againn air an cumail ann an urras às leth na coimhearsnachd air fad airson tlachd fhaighinn asta an-dràsta agus san àm ri teachd, agus mar sin ma tha sibh airson tadhal, rannsachadh no dìreach tuilleadh fhaighinn a-mach thigibh a-steach agus rannsaichibh na tha air a thairgse dhuibh.

Cuimhneachain nan Gaisgeach: Cuairt gu cuimhneachan do luchd-rèididh an fhearainn ann an Aiginis, Eilean Leòdhais

Dualchas Innse Gall

Tha seo a’ gabhail a-steach:

  • Cruinneachaidhean làimhseachail de nithean sa mhuseum agus san tasglann;
  • Dualchas cultarail neo-làimhseachail – sgeulachdan, dualchas is sloinntearachd a tha tric air a lìbhrigeadh mar phàirt den bheul-aithris le ceangal làidir ris a’ Ghàidhlig;
  • An àrainneachd eachdraidheil: làraich agus carraighean-cuimhne air feadh Innse Gall.

Ar raon-ùghdarrais

  • A bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh, a’ clàradh agus a’ toirt cothrom cruinneachaidhean fhaicinn tro thaisbeanaidhean, gnìomhan is rannsachadh;
  • A bhith a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan ionadail, luchd-tadhail is luchd-rannsachaidh a bhith a’ dol an sàs le cruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach feadhainn a tha air iasad bho bhuidhnean nàiseanta;
  • A bhith a’ tasgadh, a’ rianachd agus a’ dìon na h-àrainneachd eachdraidheil gus dèanamh cinnteach gum bi i ann airson nan ginealach ri teachd;
  • A bhith a’ tabhann chothroman do dhaoine rannsachadh is mealtainn nan cruinneachaidhean, biodh sin airson sgrùdadh sgoileireachd, ùidhean eachdraidh ionadail is teaghlaich, brosnachadh do ghnìomhachasan cruthachail no pròiseactan sgoile is foghlaim;
  • A bhith a’ toirt taic do chomainn eachdraidh ann an coimhearsnachdan air feadh nan eilean tro bhith a’ co-roinn sgilean is comhairle.
Bùth-obrach Clann-nighean an Sgadain ann an sgoil