
Co-labhairt Eilthireachd nan Eilean Siar
Cuin: Diciadain 1 An Dàmhair 2025 (faic duilleagan air leth airson Latha 1 & Latha 3)
Càite: Air an làraich agus air-loidhne
Ionad: Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Innse Gall, Alba, HS2 0XS
Air a chur air dòigh le: Museum & Tasglann nan Eilean
Cuspair: ’S e taobh cudromach de dh’eachdraidh nan eilean a tha ann an eilthireachd oir thug e buaidh air an t-sluagh-tomhais agus sgar e teaghlaichean air feadh an t-saoghail tro na 1700-1900an. Dh’fhàg daoine na h-eileanan air diofar adhbharan, co-dhiù chaidh am fògradh, no dh’fhalbh iad ann an dòchas gum biodh teachd a-steach na b’fheàrr aca, no airson a dhol còmhla ri buill den teaghlaichean a bha air an imrich a dhèanamh cheana. Nì na h-òraidichean an taisbeanaidhean air an làraich agus air-loidhne, a’ còmhdach farsaingeachd de chuspairean co-cheangailte ri eilthireachd Innse Gallach.
Pris:
Com-pàirtichean air an làraich: Prìs làitheil £24 a’ gabhail a-steach VAT | Pris an làn Cho-labhairt £60 a’ gabhail a-steach VAT.
(Tha an làn cho-labhairt a’ gabhail a-steach dà latha den cho-labhairt, cuairt air Latha 3, Tì, cofaidh agus lòn air gach latha de na trì làithean, aon fhàilteachadh feasgair, a bharrachd air inntrigeadh gu clàraidhean agus chun taisbeanadh air eilthireachd)
Com-pàirtichean air-loidhne: Prìs làitheil £12 a’ gabhail a-steach VAT.
(Tha gach latha a’ gabhail a-steach na tha a’ dol aig a’ cho-labhairt agus inntrigeadh gu clàraidhean)
* Lasachadh prìs Early Bird de 10% ri fhaighinn gu 31 A’ Mhàirt *
Prògram Latha 2:
(Thèid uairean fhoillseachadh nas fhaisg air an àm)
- Clàradh, Fàilte agus Cur an aithne
- An t-Oll Frank Tough, Dr Ashley Sims & Sandy Hoye, Oilthigh Alberta– From Island to Post: A documentary exploration of the Métis of the Northern Department of the Hudson’s Bay Company
- Dr Robin Sen, Oilthigh Dhùn Èideann – An overview of what is known about the Forced Child Migration Schemes in the UK
- Dr Joseba Achotegui, Oilthigh Bharcelona – Migrant Mourning / Ulysses Syndrome and how it would have related to early Scottish emigrants
- Dr Elizabeth Ritchie, Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean – ‘He is determined for a Scotchwoman’: acquiring an emigrant wife
- Dr Joanna Rodgers, rannsaiche neo-eisimeileach– Ancestral Tourism in a Scottish context
- Dr Shamus Y. MacDhòmhnaill, Baile nan Gàidheal, Ceap Breatainn – Gaelic language and culture in Nova Scotia: a’coimhead air n-ais, is a’ coimhead air adhart (Taisbeanadh ann an Gàidhlig agus Beurla le eadar-theangachadh mar-aon do chom-pàirtichean a tha an làthair)
Siubhal agus Àite-fuirich
Thoiribh an aire gu feum daoine a tha airson a bhith an làthair uallach a ghabhail airson siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh pèin. Mholamaid gu làidir gum bu chòir siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh cho luath ’s a ghabhas. Faicibh am prìomh dhuilleag airson molaidhean.
Eàrlaiseachadh àite
Mholamaid àite a ghlèidheadh tràth. Airson àite a ghlèidheadh cliog an seo airson a dhol gu duilleag a leigeas dhuibh àite a ghlèidheadh.
Poileasaidh Aisig air Ais
Ma leigeas sibh às àite glèidhte ro 31/7/25 gheibh sibh aiseag air ais de 50% de na phàigh sibh. An dèidh 31/7/25 cha bhi aiseag air ais ri fhaighinn.
Buidheachas
Tha sinn gu taingeil ag aithneachadh taic airgid bho Thaighean-tasgaidh Gailearaidhean Alba, Oighreachdan a’ Chrùin agus Comhairle nan Eilean Siar, agus urrasachd ionaid bho Together Travel.
Fios thugainn
Ma tha ceistean agaibh no ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios thugainn.
Till gu Prìomh Dhuilleag na Co-labhairt
