
Co-labhairt mu Eilthireachd – ‘Saoghal Mòr Farsaing’
Tha eilthireachd air a bhith na phàirt mhòr de dh’eachdraidh Innse Gall. Thairis air an 250 bliadhna mu dheireadh, tha daoine air na h-eileanan fhàgail air diofar adhbharan, co-dhiù ’s ann air am fògradh às an àite no airson beatha na b’ fheàrr a dhèanamh dhaibh pèin no airson a dhol còmhla ri buill dhen teaghlaichean a bha air às-imrich a dhèanamh cheana. Thug seo buaidh air sluagh-thomhas agus dh’fhàg e gun robh teaghlaichean air an sgapadh air feadh an t-saoghail.
Tha co-labhairt trì latha, air a chur air dòigh le Museum & Tasglann nan Eilean, gu bhith air a chumail ann an Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, bhon 30mh den t-Sultain chun an dàrna latha den Dàmhair 2025. Beachdaichidh an co-labhairt air a’ chuspair eilthireachd, bho dhiofar sheallaidhean. Bidh measgachadh ann de dh’òraidichean air an làraich agus cuid air-loidhne. Faodaidh daoine a bhith an làthair no bhith ann air-loidhne.
Air Làithean 1 agus 2 bidh taisbeanaidhean ann co-mheasgaichte le seiseanan ceist agus freagairt. Bheir Latha 3 cothrom do chom-pàirtichean tadhal air ionadan dualchais coimhearsnachd agus làraich eachdraidheil ann an Leòdhas. Feumaidh com-pàirtichean taghadh a dhèanamh a-mach à trì cuairtean air Latha 3.
Prògram agus mar a ghlèidheas tu àite
Tha am prògram slàn le fiosrachadh mionaideach mu gach latha, prìsean agus ceangal chun t-siostam glèidhidh ri fhaighinn an seo:
Siubhal agus Àite-fuirich
Thoiribh an aire gu feum daoine a tha airson a bhith an làthair uallach a ghabhail airson siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh pèin. Mholamaid gu làidir gum bu chòir siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh cho luath ’s a ghabhas.
Loganair: plèanaichean à Glaschu, Dùn Èideann & Inbhir Nis gu Port-adhair Steòrnabhaigh: www.loganair.co.uk
Calmac: aiseag à Ulapul gu Steòrnabhagh no Ùig (san Eilean Sgitheanach ) chun Tairbeairt/ aiseag eadar-eilean Barraigh gu Èirisgeigh agus Beàrnaraigh gu ruige An t-Òb: www.calmac.co.uk/en-gb#/
Àite-fuirich: taghadh de thaighean-òsta, taighean-aoigheachd, B&B & ostailean rim faighinn ann an Steòrnabhagh:
Taisbeanaidhean mu Eilthireachd
Maille ris a’ cho-làbhairt, bidh taisbeanaidhean mu eilthireachd nar dà thaigh-tasgaidh. Innsidh ‘Cianalas ’s Dòchas | Homesickness and Hope’ sgeulachdan nan daoine a chur cùl ri cladaichean nan eilean: na tursan a bha tric cho cunnartach, adhbharan airson fàgail, na dùbhlain agus na cnapan-starra a bh’ ann an tìrean cèin, cianalas, miann fuireach beò, na cothroman agus an dìleab. A bharrachd air nithean agus tasglainn bho ar cruinneachaidhean fhìn, bidh sinn a’ faighinn iasaid de nithean bho Thaighean-tasgaidh na h-Alba, Cruinneachadh Fleming agus eile, gus na sgeulachdan tarraingeach seo innse.
Bidh na taisbeanaidhean rim faicinn ann am Museum nan Eilean, Lìonacleit, bho 31 An Cèitean gu 29 An t-Samhain 2025, agus ann am Museum nan Eilean, Steòrnabhagh, bho 14 An t-Ògmhios gu 29 An t-Samhain 2025.
Tuilleadh fiosrachaidh agus tùsan rannsachaidh
Tha a’ cho-labhairt agus na taisbeanaidhean nam pàirt dhen iomairt Hebridean Homecoming 2023-25. Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu seo agus tachartasan agus goireasan eile co-cheangailte ri eilthireachd, tadhailibh air ar duilleag Hebridean Homecoming.
Buidheachas
Chaidh ar co-labhairt a mhaoineachadh le Taighean-tasgaidh Gailearaidhean Alba agus Comhairle nan Eilean Siar le urrasachd ionaid bho Together Travel. Bu mhath leinn cuideachd aithneachadh a dhèanamh air taic nan comainn eachdraidh (buidhnean eachdraidh ionadail) agus ionadan coimhearsnachd a tha nan luchd-aoigheachd airson nan cuairtean air Latha 3.
