
Co-labhairt Eilthireachd nan Eileanan an Iar
Cuin: Dimàirt 30 An t-Sultain 2025 (faic duilleagan air leth airson Latha 2 & Latha 3)
Càite: Air an làraich agus air-loidhne
Ionad: Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Innse Gall, Alba HS2 OXS
Air a chur air dòigh le: Museum & Tasglann nan Eilean
Cuspair: ’S e taobh cudromach de dh’eachdraidh nan eilean a tha ann an eilthireachd oir thug e buaidh air an t-sluagh-tomhais agus sgar e teaghlaichean air feadh an t-saoghail tro na 1700-1900an. Dh’fhàg daoine na h-eileanan air diofar adhbharan, co-dhiù chaidh am fògradh, no dh’fhalbh iad ann an dòchas gum biodh teachd a-steach na b’fheàrr aca, no airson a dhol còmhla ri buill den teaghlaichean a bha air an imrich a dhèanamh cheana. Nì na h-òraidichean an taisbeanaidhean air an làraich agus air-loidhne, a’ còmhdach farsaingeachd de chuspairean co-cheangailte ri eilthireachd Innse Gallach.
Prìs:
Com-pàirtichean air an làraich: Prìs làitheil £24 a’ gabhail a-steach VAT | Pris an làn Cho-labhairt £60 a’ gabhail a-steach VAT
(Tha an làn cho-labhairt a’ gabhail a-steach dà latha den cho-labhairt, cuairt air Latha 3, tì, cofaidh agus lòn gach latha de na trì làithean, aon fhàilteachadh feasgair, a bharrachd air inntrigeadh gu clàraidhean agus taisbeanadh air eilthireachd)
Com-pàirtichean air-loidhne: Prìs làitheil £12 a’ gabhail a-steach VAT
(Tha gach latha a’ gabhail a-steach na tha a’ dol aig a’ cho-labhairt agus inntrigeadh gu clàraidhean.)
* Lasachadh prìs Early Bird de 10% ri fhaighinn gu 31 A’ Mhàirt *
Prògram Latha1:
(Thèid uairean fhoillseachadh nas fhaisg air an àm)
- Clàradh, Fàilte agus Cur an Aithne
- Prìomh Òraidiche : An t-Ollamh Marjory Harper, Oilthigh Obar Dheathain – Overview of Hebridean emigration
- Dr Frances Wilkins, Oilthigh Obar Dheathain– The evolution of a Cree Fiddle Tradition in James Bay, Canada, with roots in the Hudson’s Bay Company
- Theo Albano, The Fleming Collection – Artistic portrayals of emigration
- Pauline NicIllEathain, Baile nan Gaidheal, Ceap Breatainn – Chain migration & settlers from island communities in Nova Scotia
- Maighread Stiùbhart, Oilthigh Ghlaschu – ’S e Crìoch Gach Comunn Dealachadh: Contextualising the experiences of the emigrant Gael through their poetry and song. (Taisbeanadh ann an Gàidhlig agus Beurla le eadar-theangachadh mar-aon do chom-pàirtichean a tha an làthair)
- Dr Timothy S. Forest, Oilthigh Cincinnati – Planting Thistles in Imperial Gardens: State-Directed Colonisations of Hebrideans, 1880-1930
- Òmar Bhochanan, rannsaiche neo-eisimeileach, Alba Nuadh – “What is the indigeneity of the Gaels?”
- Fàilteachas Feasgair do Chom-pàirtichean
Fàilteachas Feasgair do Chom-pàirtichean
Thoiribh an aire gu feum daoine a tha airson a bhith an làthair uallach a ghabhail airson siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh pèin. Mholamaid gu làidir gum bu chòir siubhal agus àite-fuirich a chur air dòigh cho luath ’s a ghabhas. Faicibh am prìomh dhuilleag airson molaidhean.
Eàrlaiseachadh àite
Mholamaid àite a ghlèidheadh tràth. Airson àite a ghlèidheadh cliog an seo airson a dhol gu duilleag a leigeas dhuibh àite eàrlaiseachadh.
Poileasaidh Aisig air Ais
Ma leigeas sibh às àite glèidhte ro 31/7/25 gheibh sibh aiseag air ais de 50% de na phàigh sibh.
Buidheachas
Tha sinn gu taingeil ag aithneachadh taic airgid bho Thaighean-tasgaidh Gailearaidhean Alba, Oighreachdan a’ Chrùin agus Comhairle nan Eilean Siar, agus urrasachd ionaid bho Together Travel.
Fios thugainn
Ma tha ceistean agaibh no ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios thugainn
Till gu Prìomh Dhuilleag na Co-labhairt
