Tional an t-Solais: grain òir bho Linn an Uamha
Iasad Spotlight bho Taigh-tasgaidh Bhreatainn

Chuala lorgaire mheatailt a bha a’ sgrùdadh earrainn de na Shropshire Marches fuaim a theab stad a chur air buille a chridhe. Bha rudeigin tiodhlaicte san ùir fo a chasan. Air dha an riasg bhog a thogail air falbh, shoillsich solas an latha air aigeallan òir, gràbhailte gu fìnealta le pàtrain gheoimeatrach a’ sgaoileadh a-mach bhon mheadhan mar ghathan na grèine ’s i ag èirigh sa mhadainn. Thug e cunntas air an fhaodail tro Sgeama nan Ulaidhean agus Nithean Àrsaidh So-ghiùlan. Chaidh aithneachadh mar aigeallan anabarrach tearc, 3,000 bliadhna a dh’aois, ris an canar uaireannan am facal Laideann bulla, a’ ciallachadh builgean, a chionns gu bheil e fàs na bhroinn. An dèidh a lorg ann an 2018, tha Aigeallan Grèine Shropshire a tha a-nise cho ainmeil ga shealltainn an seo ann an Alba airson a’ chiad uair tron Iasad Spotlight seo bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Tha Aigeallan Grèine Shropshire cudromach gu h-eadar-nàiseanta. A’ dol air ais gu àm nuair a bha traidiseanan àrsaidh ag atharrachadh, tha a sgeadachadh a’ toirt gu ar cuimhne cudromachd èirigh na grèine agus deas-ghnàthan aig carraighean mar Stonehenge agus Calanais bho chionn 4,500 bliadhna. Tha far an deach a lorg aig oir lochain mar mhac-samhla air aois ùr nuair a bha daoine a’ tionndadh chun chruth-tìre airson tabhartasan a dhèanamh do chumhachd nàdair no ’s dòcha an sinnsirean.
Tha an taisbeanadh seo a’ cur urraim air Linn an Umha tro nithean òir air iasad bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn, maille ri nithean cudromach às na h-Eileanan Siar. Tha sinn a’ sgrùdadh cheanglaichean eadar teicneòlasan, creideasan agus an àrainneachd nàdarra tron àm tharraingeach seo.
