Ceòl

Dualchas cultarach do-bheantainn Innse Gall

Is e àite a tha seo airson a bhith a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh cultar Gàidhlig neo-làimhseachail Innse Gall.

Gàidhlig

  • A Pheigi a Ghràidh air a sheinn le Seonaidh Mac an t-Saoir.  Òran air a sgrìobhadh le Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) à Uibhist a Deas. An cuspair: Seòladair air a shlighe a dh’Astràilia a’ fàgail a leannain ann an Uibhist.
  • A Rìbhinn Òg Bheil Cuimhn’ Agad air a sheinn le Chloe Steele. Òran air a sgrìobhadh le Ailig Iain MacDhòmhnaill à Eilean Leòdhais. An cuspair: Seòladair a’ falbh gu muir agus a’ sgrìobhadh gu leannan aig a dachaigh.
  • Òran a’ Pholitician air a sheinn le Seonaidh Mac an t-Saoir.  Òran air a sgrìobhadh le Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) à Uibhist a Deas. An cuspair: Air 2 Gearran 1941 chaidh an SS Politician air na creagan faisg air Eirisgeigh, air a shlighe eadar Liverpool agus Jamaica. Bha còrr air 20,000 botal uisge-beatha air bòrd.
  • Fuinn pìoba le Seonaidh Mac an t-SaoirSeudan a’ Chuain (jewels of the sea), an Fhaoileag agus an Guilbneach uile a’ ceangal a-steach ri cuspair mu dhualchas na mara.

Beurla & Gàidhlig

  • Cèilidh air-loidhne bhon Dùbhlachd 2020 mu chuspair na mara

https://www.youtube.com/watch?v=ndcYpshHDo4&t=128s