
Gösta Sandberg Collection
A small selection from this wide-ranging photograph collection
’S e fear-togail dhealbhan-camara dha taighean-tasgaidh agus neach-tasgaidh a tha ann an Gösta Sandberg. Thug e iomadh bliadhna ag obair san taigh-tasgaidh ionadail aige ann an Alingsäs anns an t-Suain. San Iuchair 1977 chuir e seachad grunn sheachdainean a’ siubhal anns na h-Eileanan an Iar. Tha a dhealbhan ealanta a bharrachd air a bhith aithriseach nan stoidhle, agus tha iad nan clàr sònraichte de na h-eileanan air an t-samhradh ud.
Mar ghille a’ fàs suas san t-Suain bha Sandberg air a bheò-ghlacadh le na h-eileanan, tric a’ cluinntinn mu “mheall bhon àird an iar” air aithrisean mun aimsir ionadail. Air a thuras, a bharrachd air ùidh sgoilearach, bha ùidh aige cuideachd ann a bhith a’ coinneachadh agus a’ còmhradh ri daoine. Bha e a’ dol a-mach a h-uile latha le a chamara, a’ còmhradh riuthasan ris an coinnicheadh e agus a’ togail an dealbhan agus na seallaidhean a chunnaic e air a thuras.

Thug e an cruinneachadh dhealbhan mar thiodhlac dha Tasglann nan Eilean ann an 2017, 40 bliadhna an dèidh a thuras.
A bharrachd air na dealbhan bhon Iuchair 1977 a thog e ann an Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas, bha e cuideachd air clàraidhean fuaime a dhèanamh agus thug e leth-bhreacan didseatach dhiubh sin seachad cuideachd. San Dàmhair 2022 thug Gösta Sandberg tiodhlac a bharrachd de cheathrad dealbh-slaighd dathte.

San Lùnastal 2017 chaidh prògram aithriseach telebhisein ‘Tiodhlac Ghösta’ (‘Gösta’s Gift’) a dhèanamh. Chaidh a chraoladh air BBC Alba mar phàirt den t-sreath ‘Trusadh’. Sa phrògram chunnacas am fear-togail dhealbh a’ tilleadh dha na h-Eileanan uair eile is e a’ feuchainn ri cuid de na daoine agus na h-àiteachan a lorg 40 bliadhna an dèidh dha na dealbhan a thogail. Tha earrann ghoirid às a’ phrògram ri fhaighinn an seo.
Tha an duilleag seo a’ sealltainn dìreach taghadh beag de na dealbhan a th’ anns a’ chruinneachadh. Cuiribh brath thugainn ma tha sibh ag iarraidh an tuilleadh fiosrachaidh no ma tha sibh airson na dealbhan fhaicinn. Faicibh an duilleag seo ma tha sibh airson geàrr-chunntas air na cruinneachaidhean tasglainn air fad fhaicinn.
