Crossbost village, Lochs

Ag Obair còmhla rinn – Dreuchd no Saor-thoileach

Bidh fiosrachadh air a chur suas an seo mu na cothroman obrach a bhios againn.  Is e sinn an taigh-tasgaidh, tasglann agus seirbheis arc-eòlais ùghdarras ionadail as fhaide chun iar-thuath ann an Alba, suidhichte sna h-Eileanan an Iar a tha air leth sònraichte, agus ainmeil airson na h-àrainneachd ghlan agus nan tràighean mìorbhaileach.  Mar sin, ma tha ùidh agad a thighinn a dh’obair ann an sgioba bheag chàirdeil air pròiseactan inntinneach ann an suidheachadh air leth, cùm sùil air an làrach seo.

Sna làithean a dh’fhalbh tha sinn air obrachadh le com-pàirtichean san earrann leithid Taighean-tasgaidh Gaileiridhean Alba, Taigh-tasgaidh Bhreatainn agus Comhairle Alba air Tasglannan gus cothroman a thabhann airson sgeamaichean airson creideasachadh no trèanadh structaraichte.  Tha cuideachd cothroman againn bho àm gu àm airson suidheachaidhean oileanach geàrr-ùine no luchd-saor-thoileach.

Dreuchdan Bàn:

Chan eil gin ann an-dràsta.

Clach le comharrachadh cupa, Uibhist a Tuath
Arc-eòlaiche ag obair
Neach-trèanaidh 'Learning Museum' Taigh-tasgaidh Bhreatainn
Oifigear Glèidhteachais an sàs ann an trèanadh airson Rianachd Bhiastagan
1 / 1