Display of archive photos at Shawbost Old School

A’ sgaoileadh a-mach

Is urrainn dhuinn bùithtean-obrach a thabhann do bhuidhnean sna h-àiteachan aca fhèin – mar eisimpleir, sgoiltean, dachaighean-cùraim, buidhnean coimhearsnachd, comainn eachdraidh an ua.ir a bhios sin comasach a thaobh stòras luchd-obrach.

Tha eisimpleirean de sheiseanan a chaidh an lìbhrigeadh san àm a chaidh seachad a’ gabhail a-steach:

  • Taisbeanaidhean do chlasaichean agus comainn eachdraidh
  • Cuairtean eachdraidheil/arc-eòlais le buidhnean sgoile
  • Tachartasan aig fèillean-dhreuchdan gus fiosrachadh a thoirt mu obraichean co-cheangailte ri dualchas
  • Seiseanan cuimhneachain le buidhnean thar 60 no ann an dachaighean-cùraim
  • Museuman pop-up/mion-thaisbeanaidhean aig tachartasan coimhearsnachd

Ma tha ùidh agaibh ann an seo cuir fios thugainn aig museum@cne-siar.gov.uk , archives@cne-siar.gov.uk no archaeology@cne-siar.gov.uk

Pop up mini display at community event
Taisbeanadh taigh-tasgaidh beag aig tachartas coimhearsnachd
Bùth-obrach Clann-nighean an Sgadain ann an sgoil
Buidheann nas sine na 60 a’ coimhead ri dealbhan san tasglann
Clas-sgoile a’ tadhal air làrach-arceòlais
1 / 1