Ceistean eachdraidheil

An urrainn dhuinn ur cuideachadh?

Ma tha thu a’ rannsachadh taobh sam bith de dh’eachdraidh Innse Gall is dòcha gu bheil tùsan againn a bhiodh na chuideachadh dhut.  Tha an t-seirbheis againn a’ tabhann comhairle agus fiosrachadh air tùsan a dh’fhaodadh a bhith iomchaidh, biodh sin ann an cruinneachaidhean an tasglainn no an taigh-tasgaidh. Is dòcha cuideachd gum biodh e comasach dhuinn innse dhut mu thùsan a tha aig buidhnean eile.  

Mur eil e comasach dhut tadhal an uair a bhios tu a’ dèanamh an rannsachaidh agad fhèin, faodaidh sinne rannsachadh a dhèanamh às do leth airson suas ri leth uair a thìde gun chosgais sam bith. Faodaidh sinn tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh airson suas ri 2.5 uair a thìde ach feumar pàigheadh airson seo.  Cuir fios thugainn gus faighinn a-mach mun t-seirbheis seo. 

Airson rannsachadh nas fharsainge is dòcha gum biodh tu airson neach-rannsachaidh fhastadh.  Gheibhear fiosrachadh mu luchd-rannsachaidh creideasaichte air làrach-lìn Comann Luchd-sloinntearachd agus Luchd-rannsachaidh Thasglainn (Association of Scottish Genealogists and Researchers in Archives no ASGRA).

Airson ceist a chur cuir fios gu:

Neach-rannsachaidh ann an seòmar-leughaidh an tasglainn

Museum & Tasglann nan Eilean 
A’ Ghearraidh Chruaidh                                          
Steòrnabhagh                                                   
Eilean Leòdhais                                                 
HS2 0XS

Fòn: 01851 822750                                 

Museum nan Eilean
Sgoil Lionacleit
Beinn na Faoghla
HS7 5PJ

Fòn: 01870 603692


post-d: archives@cne-siar.gov.uk  no museum@cne-siar.gov.uk