Tabhartasan Dualchais

Bidh Comhairle nan Eilean Siar a’ toirt tabhartasan dualchais do bhuidhnean dualchais saor-thoileach a tha air an aontachadh airson adhbharan co-cheangailte ri dualchas. Is e Comainn Eachdraidh na buidhnean a tha air an aontachadh.

Tha tòrr iarrtas airson nan tabhartasan dualchais agus mar sin leugh na stiùiridhean gu math cùramach.

Thèid dà chuairt maoineachaidh a chumail ann an 2022-2023:

  • Cuairt a h-Aon: Cha ghabhar ach Foirm A (iarrtasan airson Tabhartasan Dualchais).

Tha seo airson leigeil leis na buidhnean air fad cur airson maoineachadh a chuidicheas iad le cosgaisean ruith.

Is e an ceann-là dùnaidh airson Cuairt a h-Aon 4mh Sultain 2022.

  • Cuairt a-dhà: Cha ghabhar ach Foirm B (iarrtasan airson Tabhartasan Uidheam Buidheann Dualchais).

Cha bhi a’ chuairt seo ach airson dèiligeadh ris an airgead nach tèid a chosg ann an Cuairt a h-Aon.

Chan fhosgail Cuairt a Dhà gu 30 Sultain 2022, le ceann-là de 31 Dàmhair 2022.

Gabh nota a thaobh nan tagraidhean air fad:

  • Cha tèid na tagraidhean a phròiseasadh ach a-mhàin ma tha iad air an lìonadh a-steach gu ceart.
  • Feumaidh na sgrìobhainnean dearbhaidh air fad a bhith nan cois oir cha tèid airgead a thairgse gus an tèid seo fhaighinn.
  • Chan eil e comasach dhuinn aontachadh an dèidh làimh ri iarrtasan airson Tabhartasan Uidheam Dualchais.
  • Thèid iarrtas sam bith airson tabhartas a tha air a mheas mar a bhith connspaideach, no a tha air a mheas mar a bhith a’ stèidheachadh ro-shampall, a chur air adhart chun Chomataidh airson Leasachadh Seasmhach gus beachdachadh air.
  • An uair a dh’fhosglas na tabhartasan gach bliadhna, bidh làn-stiùiridhean, agus foirmean tagraidh agus iarrtais rim faotainn air làrach-lìn Chomhairle nan Eilean Siar aig an ceangal seo.