Comhairle agus Taic airson Dualchas

Seirbheisean airson buill Comann Dualchais Innse Gall

Tha an t-Seirbheis Dualchais a’ toirt comhairle agus taic do na comainn eachdraidh an uair a bhios gu leòr luchd-obrach aca airson sin a dhèanamh comasach. 

Is e an seòrsa taic as urrainn dhuinn a thoirt:

  • Frithealadh coinneamhan a’ Chomainn Dualchais agus a’ dèanamh ceangal ris a’ Chomann Dualchais;
  • A’ dol gu coinneamhan an-dràsta is a-rithist le buidhnean com-pàirteachais fa leth;
  • A’ beachdachadh no a’ toirt comhairle air dreachd-sgrìobhainnean cudromach (me Planaichean, Iarrtasan, Poileasaidhean) ma thèid ùine gu leòr a thoirt;
  • A’ ceartachadh teacsa airson taisbeanaidhean no foillseachaidhean (a thaobh fìrinn no stoidhle na susbaint) ma thèid ùine gu leòr a thoirt;
  • Comhairle choitcheann mu ghlèidhteachas (gun a bhith mu nì sònraichte sam bith) agus measadh neo-fhoirmeil mu shuidheachadh nì an uair a bhios Oifigear Glèidhteachais ann an dreuchd;
  • Comhairle agus seòladh mu chothroman trèanaidh iomchaidh air an tabhann le feadhainn eile mar cùram chruinneachaidhean agus an cleachdadh as fheàrr;
  • Cothrom aig buill a’ Chomainn Dualchais a bhith a’ cleachdadh Seòmar Ionnsachaidh an Taigh-tasgaidh an-asgaidh airson coinneamhan agus tachartasan dualchais/cultair.

Bhidiothan trèanaidh

Tha an t-Seirbheis Dualchais air grunnan stòrasan a chruthachadh gus taic a thoirt do Chomainn Eachdraidh agus buidhnean dualchais coimhearsnachd.

[Videos/ training podcasts to be posted here when ready]

Seisean comhairle thasglainn airson Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

Comhairle agus fiosrachadh feumail

Tha na ceanglaichean gu h-ìosal a’ tabhann raon de chomhairle air taobhan diofraichte de chùram airson so-mhaoin dualchais. Tha làrach-lìn Buidheann Tasglainn agus Dualchas Coimhearsnachd a’ gabhail a-steach comhairle mu bhith a’ faighinn thoglaichean, glèidhteachas didseatach, stiùireadh mun dòigh-obrach as fheàrr airson pròiseactan beul-aithris: https://www.communityarchives.org.uk/resources

Tha a-nis earrann airson stòrasan Tasglainn Coimhearsnachd aig Comhairle Tasglannan Alba air a làrach-lìn le comhairle mu dheagh-chleachdadh, dealbhan, cruinneachaidhean fuaim agus ìomhaighean gluasadach, glèidhteachas didseatach msaa: https://www.scottisharchives.org.uk/explore/community-archives/

Cruinneachaidhean an Taigh-tasgaidh

Tha a h-uile càil air làrach-lìn Urras nan Cruinneachaidhean eadar foirm-inntrigidh agus teamplaidean airson poileasaidhean cruinneachaidh gu poileasaidhean nas adhartaich: https://collectionstrust.org.uk/spectrum/

Bho shealladh taigh-tasgaidh tha an làrach seo a’ dèiligeadh ris a h-càil bho bhathar-bog airson catalogadh, stiùiridhean mu ‘ciamar a’ airson obair phractaigeach agus dualchas didseatach: https://collectionstrust.org.uk/resources-start/

Tha tòrr de dh’fhiosrachadh feumail sna stòrasan air làrach-lìn sgeama Ath-chreideasachaidh Thaigh-tasgaidh a thaobh a bhith a’ coimhead às dèidh cruinneachaidhean Taigh-tasgaidh, ge bith a bheil thu airson a dhol sìos an rathad seo no nach eil: https://www.museumsgalleriesscotland.org.uk/accreditation-recognition/

Faic cuideachd:

https://collectionstrust.org.uk/accreditation/

Tha mòran stòrasan feumail air làrach-lìn Comann Thaighean-tasgaidh Neo-eisimeileach (AIM), gu sònraichte Stiùiridhean Soirbheachais AIM:

https://www.aim-museums.co.uk/helping-organisations/resources/

‘Prionnsabalan agus modhan-obrach Tasglainn airson feadhainn nach eil nan tasglannaichean’ – practaigeach feumail a’ gabhail a-steach toglaichean/stòradh

Is e adhbhar an stiùiridh seo taic a thoirt do dhaoine aig a bheil no a tha a’ coimhead às dèidh stuth tasglainn.  Cuidichidh e thu ann a bhith a’ measadh is a’ planadh airson cùram agus leasachadh do chruinneachadh tasglainn.  Tha seo a’ gabhail a-steach tasglann de mheud sam bith bho phreas beag gu stòr mhòr.

http://www.nationalarchives.gov.uk/documents/archives/archive-principles-and-practice-an-introduction-to-archives-for-non-archivists.pdf

Glèidhteachas

Comhairle fheumail agus shoilleir mu bhith a’ coimhead às dèidh chruinneachaidhean tasglainn, pàipear no leabhraichean bho làrach-lìn an Leabharlann Breatannach, a’ gabhail a-steach bileagan agus diagraman air cuspairean sònraichte:

https://www.bl.uk/conservation#

Is e an sgrìobhainn seo an ‘ìre òr’ airson a bhith a’ stèidheachadh tasglann.  Faodar a chreids nach eil seo comasach airson buidheann beag ach bheir e dhut na ‘cinn’ air am bu chòir dhut a bhith a’ beachdachadh (me bun-reachd, poileasaidhean msaa) agus is dòcha gum bi nithean feumail ann a thaobh a bhith a’ cur suas togalach a bhiodh comasach air stuth tasglainn bunasach a stòradh:

https://www.nationalarchives.gov.uk/documents/archives/standard2005.pdf

Comhairle mu bhith a’ rianachd agus a’ catalogadh cruinneachaidhean tasglainn a’ gabhail a-steach iarrtasan stòr-dàta: 

http://www.nationalarchives.gov.uk/archives-sector/advice-and-guidance/managing-your-collection/documenting-collections/cataloguing-and-archives-networks/

Bun-tomhasan Breatannach

BS/EN 16893: 2018 Conservation of Cultural Heritage – New Sites & Buildings Intended for the Storage & Use of Collections – An t-inbhe a tha a’ riaghladh deilbh thoglaichean dualchais, a’ gabhail a-steach tasglainn.

BS4971:2017: Conservation and care of library and archive collections – An t-inbhe a tha a’ riaghladh cùram chruinneachaidh, a’ gabhail a-steach mòran mu rianachd ionad tasgaidh. 

BSI PAS 197: Code of practice for cultural collections management – Stiùireadh mu sholair, cuir an sàs agus cumail suas frèam-obrach rianachd chruinneachaidhean a’ gabhail a-steach: poileasaidhean, pròiseasan, modhan-obrach agus inbhean taic.