Am Pròiseact Sònraichte

Tha mòr ùidh aig a’ choimhearsnachd ann an arc-eòlas nan Eilean Siar.  Ann an 2020 fhuair Museum nan Eilean maoineachadh bho Thaighean-tasgaidh Gaileiridhean na h-Alba airson pròiseact a mhaireas 12 mìos gus obair a tha cuimsichte air cuid de na stuthan arc-eòlais a tha air an cur ri chèile mar phàirt de chruinneachaidhean an taigh-tasgaidh.   Bha dìth fiosrachadh sgrìobhte an cois mòran de na cruinneachaidhean a bha mar sgàthan air modhan-cladhach làithreach agus inbhean thaighean-tasgaidh, a bha ga dhèanamh doirbh a bhith gan sgrùdadh agus a’ faighinn cothrom orra.  Is e amas a’ Phròiseact a bhith a’ dèiligeadh ris na cùisean sin a thàinig mar dhìleab agus am fiosrachadh ann an catalog an taigh-tasgaidh a leasachadh, ga dhèanamh comasach dhuinn a bhith ag adhartachadh agus a’ leasachadh nan cruinneachaidhean arc-eòlais agus a bhith ag àrdachadh an ruigsinneachd. 

Dun Bharabhat

Tha am pròiseact ag amas air a bhith a’ toirt làn chunntas, a’ togail dhealbhan agus ag ath-phacadh mu 200 bogsa de stuthan arc-eòlais. Bha an t-Oifigear Pròiseict Sam Ferrer, neach-saidheans arc-eòlais, ag obair air grunnan stuthan arc-eòlais cudromach bho làraich a bha a’ gabhail a-steach:

  • Dùn Bharabhat
  • Pabaigh
  • Dunasbroc
  • Beirgh
  • Easaigh
  • Hiort

Tha am pròiseact ag àrdachadh Clàr Àrainn Eachdraidheil na Comhairle agus ann an co-rèir ri Frèam-obrach Rannsachaidh Eileanan na h-Alba airson Arc-eòlas (SIRFA) a bhios e fhèin a’ biathadh a-steach dhan Frèam-obrach Rannsachaidh na h-Alba airson Arc-eòlas (ScARF).

Mar thoradh air a’ phròiseact seo tha sinn air ar tuigse agus eòlas de na pàirtean sin den chruinneachadh againn a leasachadh, air an gleidheadh àrdachadh agus air an co-rèir den chruinneachadh againn nach eil air a chlàradh a lùghdachadh.  Cuidichidh seo sinn ann a bhith a’ dèanamh barrachd dha na cruinneachaidhean againn làn ruigsinneach dhan choimhearsnachd airson rannsachadh san àm ri teachd,  taisbeanadh agus tlachd.

Sam Ferrer, An t-Oifigear Pròiseict

B’ e amas eile a bha aig a’ phròiseact a bhith a’ leasachadh comhairle mun mhodh-obrach agus mun dòigh a b’ fheàrr air a bhith a’ clàradh chruinneachaidhean arc-eòlais gu sònraichte.

Chùm an t-Oifigear Pròiseict Làithean Fosgailte aig Museum nan Eilean gus a dhèanamh comasach do dhaoine tuilleadh fhaighinn a-mach mu na cruinneachaidhean agus am pròiseact, agus cuid de na nithean a chaidh a lorg rè a’ phròiseict fhaicinn.

Chaidh ùrachaidhean pròiseict a chuir suas gu tric tron bhlog agus na meadhanan sòisealta againn.  Ma tha thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach lean na ceanglaichean gu h-ìosal: 

https://www.facebook.com/hashtag/sonraichteproject

Am Pròiseact Sònraichte

Dunasbroc

An do lorg tu rudeigin arc-ecòlais?

Làithean Fosgailte Arc-eòlais

Dùnan Ruadh, Pabaigh

Logo Taighean-tasgaidh Gaileiridhean na h-Alba