Comunn Eachdraidh Uig

Chaidh Comunn Eachdraidh Uig a stèidheachadh ann an 1984 a’ gabhail a-steach sgìrean Sgealascro gu Breànais agus cuid de na h-eileanan air cost an iar Leòdhais.

April-October Monday-Saturday 12-5pm

Làrach-lìn

Seòladh

Uig Museum,
Uig Community Centre,
Timsgarry,
Isle of Lewis,
HS2 9JT

Fòn

n/a

Mun bhuidheann seo

Chaidh Comunn Eachdraidh Uig a stèidheachadh ann an 1984 a’ gabhail a-steach sgìrean Sgealascro gu Breànais agus cuid de na h-eileanan air cost an iar Leòdhais. Tha seo a’ gabhail a-steach Eadar dha Fhadhal cuideachd far an deach lorg fhaighinn air na fir-tàilisg. Tha taigh-tasgaidh aca ann an Ionad Choimhearsnachd Ùig a tha fosgailte thairis air an t-samhradh ach feumar fios a chur ro-làimh aig àm sam bith eile den bhliadhna. Tha innleachdas, dealbhan, mapaichean agus cidsin taigh-dubh mu c 1919 ri fhaicinn cho math ri bhith cothrom air mòran fiosrachadh sinnsireachd agus faidhlichean air cuspairean ionadail a chaidh an ullachadh leis na buill.

Cruinneachaidhean

Chuir Comunn Eachdraidh Ùig fiosrachadh ri Hebridean Connections agus tha mòran de fhiosrachadh sinnsireachd, stuth an tasglainn agus innleachdas a’ Chomainn air a dhitseatachadh is ri fhaighinn air an làrach-lìn.

Tha innleachdas co-cheangailte ri beatha na dachaigh agus obair-ciùird sna bailtean mar phàirt mhòr de na tha air a thaisbeanadh san taigh-tasgaidh.  Tha loidhne-tìde eachdraidheil a’ clàradh sgeulachd Ùig bho Linn na Cloiche gu toiseach a’ Chogaidh Mhòir agus tha bùird fiosrachaidh air feadh ballaichean an taigh-tasgaidh a tha ag innse mu obair-ciùird ionadail agus sgeulachd Fir Tàileisg Ùig a chaidh an lorg air an Tràigh Mhòr a tha faisg air làimh. 

Eisimpleirean de na cruinneachaidhean san tasglann:

  • Beul aithris
  • Leth-bhric de chlàran sgìreil agus clàran oighreachdan
  • clàran comhairlean coimhearsnachd
  • Eachdraidh chroitean agus sinnsireachd
  • Dealbhan
  • Clàr sgoilearan Sgoil Chrabhlasta 1880-1964 agus Clàr-iasaid an Leabharlann
  • Clàran sgoilearan Sgoil Islibhig (Breànais)
  • Clàran sgoilearan Sgoil Loch Croistean 1879-1968
  • Clàran sgoilearan Sgoil Mhangarstaidh 1912-1969 agus sgoilearan a chaidh an cur air adhart gu Cùrsaichean An dèidh Teisteanachadh 1924-1947
  • Clàran sgoilearan Sgoil Bhaltos 1887-1971, clàr làthaireachd sgoilear 1921
  • Clàran sgoilearan 1994-2000 Sgoil Ùig