Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas

Chaidh Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas a chruthachadh ann an 1989. Tha an taigh-tasgaidh creideasaichte aca ann an Cill Donnain, agus bidh taisbeanaidhean leantainneach aca mu eachdraidh shòisealta, dachaigheil agus cultarail an eilein.

April-October, Mon-Sun 10am-5pm

Làrach-lìn

Seòladh

Kildonan Museum,
Kildonan,
South Uist,
HS8 5RZ

Fòn

01878 710 343

Mun bhuidheann seo

Chaidh Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas a chruthachadh ann an 1989.  Tha an taigh-tasgaidh creideasaichte aca ann an Cill Donnain, agus air a ruith ann an com-pàirteachas le Urras Eachdraidh Uibhist a Deas, agus bidh taisbeanaidhean leantainneach aca mu eachdraidh shòisealta, dachaigheil agus cultarail an eilein, le tòrr dheth stèidhichte air an stuth a chaidh a chruinneachadh leis a’ Chanan Iain Moireasdan, nach maireann, An t-Ìochdar.

Tha iasadan cudromach aig an taigh-tasgaidh bho chruinneachaidhean eile air an taisbeanadh a’ gabhail a-steach:

  • ‘Am Prionnsa a’ teicheadh’ Taisbeanadh nan Seumasach ag innse sgeulachd na bana-ghaisgeach Flòraidh NicDhòmhnaill a tha a’ gabhail a-steach stuth air iasad bho Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba;  
  • Stuth co-cheangailte ris an neach beul-aithris ainmeil ionadail Maighstir Ailean Dòmhnallach bhon Urras Nàiseanta à Taigh Chanaigh;
  • Cnàmhlach annasach Chruithneach a chaidh fhaighinn faisg air Cill Donnain, air iasad bho Mòr-ulaidh Alba;
  • ‘Aileach’ – cumadh de bhirlinn Lochlannach, a tha ri fhaicinn air a’ bhlàr a-muigh.

Cruinneachaidhean

  • Clach Chlann Raghnaill, a thathar a’ smaoineachadh a chaidh a snaigheadh mar chuimhneachan air Iain Mhùideirt, ceann-feadhna Chlann Raghnaill aig deireadh nan 1500an
  • Beairt a bha air a cleachdadh airson aodach a dhèanamh dha Lady Eisenhower (A’ Phrìomh Leadaidh ann an Ameireaga eadar 1953 is 1961)
  • Clach-pòsaidh Ceilteach
  • Tobair inc ‘Snail’ annasach Frangach agus àite cleit bho mheadhan an 19mh linn
  • Cruinneachadh dhealbhan Mairead Faye Sheathach, agus tha an seòmar-tasglainn air ainmeachadh às a dèidh.
  • Cruinneachadh dhealbhan Bill Innes
  • Cruinneachadh dhealbhan agus peanta an Dotair Robasdan