Seallam!

Tha Seallam! an t-ionad luchd-turais na sheirbheis airson a bhith a’ rannsachadh eachdraidh teaghlaich. Tha na stòrasan seo stèidhichte air an rannsachadh mòr a rinn Bill Lawson agus Chris Lawson nach maireann.

Wednesday-Friday 10am-5pm

Làrach-lìn Hebrides People

Seòladh

Seallam! Visitor Centre,
Northton,
Isle of Harris,
HS3 3JA

Fòn

01859 520 258

Mun bhuidheann seo

Tha Seallam! An t-Ionad Luchd-turais stèidhichte anns an Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh na sheirbheis airson a bhith a’ rannsachadh eachdraidh teaghlaich fo na branndan  Cò Leis Thu?/ Muinntir Innse Gall.  Tha na stòrasan seo stèidhichte air an rannsachadh mòr a rinn Bill Lawson agus Chris Lawson nach maireann. Tha tasglann farsaing de eòlas sloinntearachd san ionad airson nan Eileanan an Iar air fad, a’ gabhail a-steach Eilean Hiort.  Chaidh rannsachadh a dhèanamh air an ìre mhath gach dachaigh sna h-Eileanan Siar thairis air an 200 bliadhna a chaidh seachad agus chaidh stòr-dàta a chruthachadh le còrr air 30,000 craobh teaghlach le fiosrachadh air eilthirich a chaidh a Chanada, gu Na Stàitean Aonaichte, a dh’Astràilia, msaa. 

Cruinneachaidhean

Tùsan: Cunntasan sluaigh 1841-1901 (clàr-amais ri fhaighinn air cunntasan 1851 agus 1901), Seann Chlàran Paraiste (Eaglais na h-Alba agus an Eaglais Caitligeach), Pàipearan Oighreachd (a’ gabhail a-steach Clàran màil), Liostaichean Eilthirich an Riaghaltais, agus tùsan foillsichte eile. Gheibhear fiosrachadh cuideachd bho Chlàr Catharra Breith, Bàis agus Pòsadh.

Beul aithris: Tha na clàran sgrìobhte aig diofar ìrean de inbheachd sna h-Eileanan an Iar ach bha cleachdaidhean beul aithris cumanta a-riamh. Air sgàth ’s gur e ann an Gàidhlig a tha na clàran seo, tha iad gu tric nas seasmhaich na feadhainn a chaidh a sgrìobhadh sa Bheurla. Tha beul aithris a’ gabhail a-steach sloinntearachd, òran, sgeulachd agus càirdeas eadar teaghlaichean.

Eilthireachd: Nuair a thig luchd-tadhail chun an Eilein airson rannsachadh sinnsireachd a dhèanamh tha mòran dhiubh a’ faighinn briseadh-dùil air sgàth dìth fiosrachaidh air dè rinn no càite an deach teaghlaichean às dèidh dhaibh a dhol a-nall thairis.  Bhiodh e feumail fios a bhith air dè an eilean/sgìre a dh’fhàg iad, càite an deach iad, fiosrachadh bho chunntasan sluaigh, far-ainmean theaghlaichean/ sloinneadh msaa. Le fiosrachadh mar seo, tha e nas fhasa fiosrachadh fhaighinn a-mach air bailtean agus teaghlaichean agus cuideachd, ceanglaichean a dhèanamh le càirdean a tha fhathast san àite.