Grimsay Community Centre

Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh

’S e comann dualchais is eachdraidh do dh’eilean Ghriomasaigh a th’ ann an Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh (CCG), coimhearsnachd croitearachd agus iasgach eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath, anns na h-Eileanan an Iar.

Association staff are on-site 10am - 1.30pm, Monday - Friday, for most of the year, and at other times by arrangement

Làrach-lìn

Seòladh

Ceann na h-Àirigh
Scotvein
Grimsay
Isle of North Uist
HS6 5JA

Fòn

01870 603359

Mun bhuideann seo

’S e comann dualchais is eachdraidh do dh’eilean Ghriomasaigh a th’ ann an Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh (CCG), coimhearsnachd croitearachd agus iasgach eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath, anns na h-Eileanan an Iar. Tha CCG a’ ruith ionad dualchais agus ionaid luchd-tadhail aig Ceann na h-Àirigh, seann Eaglais Saor an eilein, a thog muinntir an eilean iad fhèin. 

Bidh an comann tric a’ cumail bùithtean-obrach, taisbeanaidhean, tachartasan, òraidean agus cèilidhean, a’ gleidheadh agus a’ taisbeanadh dualchas an eilein agus fìor dhualchas nan Gàidheil.

’S e Ionad Bhàtaichean Ghriomsaigh am pròiseact as ùire aig CCG, agus a’ chiad ionad dualchas mhara anns na h-Eileanan an Iar. Thathar a’ gleidheadh, a’ taisbeanadh agus a’ mìneachadh cuid de na h-eisimpleirean as fheàrr de dh’eathraichean Ghriomasach nan Stiùbhartach, stoidhle de bhàta fiodha a tha aithnichte air feadh na dùthcha. Tha an t-Ionad Bhàtaichean a’ cur ri Slighe nan Eathraichean Ghriomasach, slighe fèin-stiùirichte a’ ceangal trì àitichean cudromach eachdraidheil timcheall an eilein.

Cruinneachaidhean

Tha Tasglann Ghriomasaigh ann an Ceann na h-Àirigh. Air a chumail anns an tasglann tha:

  • Eachdraidh shòisealta, eachdraidh ionadail agus cleachdaidhean Ghriomasaigh
  • Pròiseactan choimhearsnachd ann an Griomasaigh
  • Eathraichean Ghriomasach nan Stiùbhartach
  • Latha nam Bàtaichean (1999-2011)
  • Ionad Bhàtaichean Ghriomasaigh (eachdraidh, leasachadh agus cùrsaichean trèanaidh)
  • Heisgeir
  • Clàran iasgaich nam bàtaichean beaga ann an Uibhist 1945-1968 (Creek Books)