Bernera Museum

Comann Eachdraidh Sgìre Bheàrnaraigh

Chaidh Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh Leòdhais a stèidheachadh ann an 1991 agus tha iad stèidhichte ann an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh. Tha taigh-tasgaidh clàraichte aig a’ Chomunn anns a bheil taisbeanaidhean agus eadar-mhìneachadh air cuspairean co-cheangailte ri Eilean Bheàrnaraigh.

Closed on Saturdays and Sundays. Refer to the website of Bernera Museum for seasonal updates on opening times.

Admission: Adults £2.00, children under 14 free.

Làrach-lìn

Seòladh

Bernera Museum
Community Centre
Breaclete
Lewis
HS2 9LT

Fòn

01851 612331

Mun bhuidheann seo

Chaidh Comunn Eachdraidh Sgìre Bheàrnaraigh a stèidheachadh ann an 1991 agus tha iad stèidhichte ann an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh.   Tha taigh-tasgaidh clàraichte aig a’ Chomunn anns a bheil taisbeanaidhean agus eadar-mhìneachadh air cuspairean co-cheangailte ri Eilean Bheàrnaraigh. 

Tha mu 500 innleachdas sa chruinneachadh a tha a’ toirt dealbh air beatha na dachaigh, an eaconamaidh, beatha chultarail agus chreideimh sgìre Bheàrnaraigh. Tha neartan an eilein gu mòr co-cheangailte ri beatha na dachaigh, a’ bheatha shòisealta, an t-iasgach agus a’ mhuir.   Tha cuideachd cruinneachadh mòr ann de stuth sloinntearachd agus fiosrachadh mu chroitean a dh’fhaodar a rannsachadh. 

Bidh an Comunn Eachdraidh a’ dèiligeadh ri taigh bho Linn an Iarainn a chaidh ath-chruthachadh ann am Bòstadh faisg air an làrach a chaidh a chladhach. Bidh neach-iùil a’ cur fàilte air feadhainn a bhios a’ tadhal air an taigh agus a’ mìneachadh carson agus ciamar a chaidh a thogail, cho math ri bhith ag innse mun dòigh san robh daoine beò ann san 8mh linn.

Cruinneachaidhean

Mar aon de na buidhnean-stèidheachaidh a thòisich Hebridean Connections www.hebrideanconnections.com tha a’ mhòr chuid de fiosrachadh sinnsireachd a’ Chomunn Eachdraidh, stuth san tasglann agus innleachdas air an didseatachadh agus ri fhaighinn air-loidhne.

  • Clàraidhean beul-aithris
  • Leabhar iasgaich Seòras Macleòid, Seòras Chaluim Sheòrais
  • Bàrdachd
  • Leabhar bùth Thule
  • Dealbhan
  • Sinnsireachd bailtean agus eachdraidh chroitean
  • Nithean snaighte bho chnàimh bho Bhaile Linn an Iarainn
  • Bàla snìomhte bho chlach
  • Nithean co-cheangailte ris an iasgach
  • Cumaidhean eathraichean