Cruinneachadh Eachdraidh an Airm

Tha cruinneachaidhean sa mhuseum a tha a’ gabhail a-steach buinn, èideadh, litrichean agus nithean pearsanta bhon Chogadh Boer agus a’ Chiad is an Dàrna Cogadh Mòr.  Gu sònraichte cudromach tha na cruinneachaidhean co-cheangailte ri Mòr-thubaist na h-Iolaire air 1 Faoilleach 1919 agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mun mhòr-chùis mhulaid ann an seo.  Tha mòran stuth cudromach ann an Cruinneachadh Gibson co-cheangailte ri WW1 mun t-strì air a’ bhlàr cho math ris an t-suidheachadh aig an Dachaigh.

Tha cuideachd nithean nas fhaisge air an là an-diugh ann co-cheangailte ri Raon Innse Gall Ministrealachd Dìon na RA ann an Uibhist a Deas.

Gu h-ìosal tha eisimpleirean bho chruinneachadh againn.

Dèan clioc air na h-ìomhaighean gu h-ìosal gus a dhol tron ghaileiridh ìomhaighean againn:

An Cogadh Mòr

Mòr-thubaist na h-Iolaire

An Dàrna Cogadh Mòr

An là an-diugh